BBC Naidheachdan

Naidheachdan 11:00m

Tha droch shìde a' toirt buaidh air mòran de cheann a deas Shasainn agus pàirtean den Chuimrigh. Chuir a' ghaoth làidir maill air seirbheisean aig Port-adhair Heathrow agus aig Gatwick. Tha drochaidean dùinte agus chaill faisg air 20,000 dachaigh an dealan.

Thuirt buidheann a bhris air falbh bhon Taliban gur iadsan a bh' air cùlaibh na h-ionnsaigh anns an deach còrr is 70 duine a mharbhadh ann an Lahore ann am Pagastan an-dè. Bha an spreadhadh fèin-mhairbhteach faisg air raon-cluiche, agus b' e clann a bh' ann am mòran de na chaill am beatha. Dh'aidich na ceannaircich gun robh iad ag amas air Crìosdaidhean a bha a' comharrachadh na Càisge.

Thuirt an t-arm ann an Siria gun cleachd iad baile Palmyra mar làrach às an leudaich iad an iomairt an aghaidh na Stàite Ioslamaich. Ghabh feachdan an Riahgaltais smachd an-dè air a' bhaile a th' air a bhith ann an làmhan IS bho chionn faisg air bliadhna.

Tha Mèar na Bruiseil a' fàgail air ùghdarrasan feadaralach na Beilge nach do rinn iad gu leòr airson stad a chur air buidhinn bhon fhìor-làimh dheis a rinn buaireadh anns a' bhaile an-dè. Thug a' bhuidheann an aghaidh air sluagh a bh' air cruinneachadh a chur cuimhne air na chaill am beatha sa cheannairc a bha sa bhaile an t-seachdain seo chaidh.

Tha luchd-iomairt a tha ag iarraidh saorsa do Mhìcheal Ros a chaidh a dhiteadh airson muirt ag ràdh gu bheil dearbhadh aca gun do chaill na Poilis pìos fianais chudromaich. Chaidh Mìcheal Ros fhaighinn ciontach ann an 2008 fo chasaid gur e a mhuirt Shamsudden Mahmood ann an taigh-bìdhe Ìnnseannach ann an Arcaibh 14 bliadhna rona sin. Tha a' bhuidheann Justice for Michael Ross, a chuir làrach air bhonn air an eadar-lìon air an deireadh-sheachdain, a' cumail a-mach gun do chaill na Poilis leabhar-là a bhuineadh do Shamsudden Mahmood.

Dh'innis Caledonian Mac a' Bhriuthainn gum bi seirbheis bus a' coinneachadh ris an t-seirbheis aiseig ùir eadar Loch Baghasdail agus Malaig. Thuirt iad gu bheil Busaichean Seile air aontachadh uair a' bhus à Malaig dhan Ghearasdan atharrachadh. Bidh seirbheis ùr ann cuideachd eadar an Gearasdan agus Malaig feasgar a leigeas le daoine aiseag an fheasgair fhaighinn air ais a Loch Baghasdail.