BBC Naidheachdan

Naidheachdan 11:00m

Thuirt Ceannard nan Làbarach, Jeremy Corbyn, gu bheil làn-àm aig Dàibhidh Camshron stad a chur air daoine beartach a tha a' falach airgid 's a' seachnadh chìsean ann an sgìrean cèine a tha fo uachdranas Bhreatainn. Thuirt Mgr Corbyn gum feum smachd a chur air companaidhean mar Mossack Fonseca ann am Panama aig an robh còrr is 100,000 companaidh dhìomhair anns na h-Eileanan British Virgin mar dhòigh air airgead a chur am falach. Thuirt Roinn na Cuspain agus Cìse (HMRC) gu bheil iad a' feitheamh gus am faic iad am fiosrachadh sin mus tòisich iad fhèin a' rannsachadh na cùise.

Thuirt aon de na buidhnean a tha airson Breatainn a thoirt a-mach às an Aonadh Eòrpach gum faodadh sin tuilleadh chumhachdan agus tuilleadh airgid a thoirt do dh'Alba. Tha Tom Harris, a bha na Bhall-Pàrlamaid Làbarach, a cur na h-iomairt Vote Leave air bhonn an Alba an-diugh 's esan ag ràdh gum biodh smachd aig Pàrlamaid na h-Alba air an iasgach agus air àiteachas nam fàgadh an Rìoghachd Aonaichte an AE. Tha an fheadhainn a th' air taobh an Aonaidh ag ràdh ge-tà, gur e mì-chinnt a thigeadh à falbh às a' bhuidhinn.

Tha Rùnaire a' Ghnothachais, Sajid Javid, a' siubhal dha na h-Ìnnsean an-diugh airson chòmhraidhean ri Tata Steel mu ghnìomhachas stàilinn Bhreatainn. Bidh e a' bruidhinn cuideachd, mus fhalbh e, ri ceannard na buidhne Liberty House, Sanjeev Gupta, a thuirt gu bheil ùidhe aigesan ann an ionad stàilinn Port Talbot ann an ceann a deas na Cuimrigh a cheannach.

Thèid innse do Bhòrd NHS na Gàidhealtachd an-diugh gun deach aca air call-airgid a sheachnadh air a' bhliadhna-ionmhais a thàinig gu ceann. Bha coltas ann anns an Fhaoilleach gum biodh am Bòrd £2m os cionn am buidseit. Ach tha rabhadh aig stiùiriche an ionmhais, Nick Kenton, gu bheil na gearraidhean as motha fhathast romhpa.

Tha poilis a' feuchainn ri dealbh a dhèanamh de bheatha bhoireannaich a chaidh a mhurt ann an Inbhir Nis an t-seachdain seo chaidh. Chaidh corp Ealasaid NicAoidh a bha 60 bliadhna de dh'aois, fhaighinn na dachaigh ann an sgìre Bhaile a' Chnuic Diardaoin seo chaidh. Chuir Poilis Alba oifigearan bho air feadh na dùthcha a dh'Inbhir Nis a chuideachadh leis an rannsachadh.

Chaidh iarraidh air ceannard BT an Alba, Brendan Dick, a dhol a Leòdhas a dh'innse carson a tha cuid de mhuinntir Tholastaidh air a bhith às aonais fòn no bann-leathainn o chuir dealanach às dha na seirbheisean sin anns an Fhaoilleach. Thuirt an Comh. Dòmhnall Crichton gu bheil an t-àm aig BT a-niste beachdachadh air airgead a thoirt air ais do dhaoine a tha a' fulang.