270 bliadhna bho Chùil Lodair
Tha 270 bliadhna ga chomharrachadh air a' mhìos seo bho bha Blàr Chùil Lodair ann.
Am-bliadhna, gheibh daoine cothrom pìosan ealain ùra den Phrionnsa Teàrlach 's na Seumasaich fhaicinn aig Taigh-Tasgaidh Inbhir Nis.
'S e "Jacobites by Name" an t-ainm a th' air an taisbeanadh, a tha am measg sreath de rudan a bhios a' dol am-bliadhna.
Tha Karen Oakley ag aithris.