BBC Naidheachdan

Naidheachdan 11:00m

Tha tinneas an t-siucair air a' cheithir uimhir a bhararchd de dh'inbhich an-diugh na ann an 1980. Bha còrr air 400m neach a' fulang leis a' bhòn-uiridh, a rèir Buidheann Slàinte na Cruinne. Thuirt iad gu bheil e a' sgaoileadh le atharrachaidhean ann am biadh, bith-beò, agus gluasad dhaoine, agus e a-niste air faisg air 9% de shluagh an t-saoghail, a rèir na buidhne.

Dh'fhàs eaconamaidh na h-Alba 0.2% anns na trì mìosan mu dheireadh den bhliadhna an-uiridh. Chan eil an sin ach leth den ìre fhàis a bh' anns an Rìoghachd Aonaichte uile gu lèir. Ach tha e a' ciallachadh gun do dh'fhàs eaconamaidh na h-Alba 0.9% thairis air a' bhliadhna an-uiridh san fharsainneachd.

Pàipearan Phanama

Dh'iarr ball Làbarach de Chomataidh Ionmhais na Pàrlamaid, Wes Streeting, air Dàibhidh Camshron innse an d' fhuair e riamh buannachd à cunntasan airgid thall-thairis. Chaidh athair a' Phrìomhaire ainmeachadh ann am Pàipearan Phanama - pàipearan a chaidh ma sgaoil a' foillseachadh fiosrachaidh mu chunntasan thall-thairis air feadh na Cruinne. Thuirt neach-labhairt a' Phrìomhaire tà, nach biodh buannachd ann dha fhèin, a bhean no a chlann bhon leithid de chunntasan san àm ri teachd.

Chaidh casaidean a chur ro sheann chomhairlichen Nàiseantach ann an Dùn Dè às dèidh dha teachdaireachdan fòna gràin-cinnidheil a chur gu boireannach a bha ag obair còmhla ris, a rèir aithrisean. Chaidh Craig Melville a chur às an SNP rè ùine nuair a thàinig na casaidean am follais. Thèid aithisg mun chùis gu Neach-Casaid a' Chrùin.

Thuirt Caidreachas Croitearachd na h-Alba gu bheil na buill aca air rabhadh fhaighinn bhon Riaghaltas gu bheil barrachd dhaoine na bha dùil aca air taic-airgid nan caorach iarraidh. Tha an Caidreachas agus mòran chroitearan iomagaineach gum bi sin a' ciallachadh nas lugha de dh'airgead dha croitearan a dh'iarr e. Thuirt Leas-Chathraiche na buidhne, Russell Mac a' Ghobhainn, gun dèanadh mì-chinnt an lùib sin cron air croitearachd.

Tha cuid le taighean air màl prìobhaideach ann an Alba gam bagairt agus gam burraidheachd le an uachdarain ma nì iad gearain orra, a rèir Seirbheis Chomhairleachaidh a' Phobaill. Ann an aithisg ùir thuirt an t-seirbheis gun do chuir 6,000 duine fios orra an-uiridh 's iad mì-thoilichte le an dachannan màil, no le an uachdarain. Ach thuirt Comann Uachdaran na h-Alba gun robh còir ann na riaghailtean a th' ann mar thà a chleachdadh ceart.