"Cha do thog croitearan an guth"
Tha an croitear as motha aig a bheil fearann an Uibhist ag ràdh nach do thog croitearan an guth mu aiseag dhan Òban a Loch Baghasdail a chall, 's mòr-chuid san sgìre a' cur taic ri aiseag Mhalaig.
Tha CalMac ag obair air seirbheis fhreagarraich aig amannan a bhios fèilltean san Òban, ach tha dragh ann mun bhuaidh a th' aig dìth sheirbheis chunbhalaich dhan Òban.
Tha Shona NicDhòmhnaill ag aithris.
- Air fhoillseachadh
- 7 An Giblean 2016
- Earrann
- Naidheachdan