Buannachd bhon Mhòd
Chuir Mòd an Òbain an-uiridh £2.8m ri eaconamaidh a' bhaile, a rèir aithisg.
Agus, thàinig buannachdan eile na lùib cuideachd tha e coltach.
Thuirt dà thrìan den fheadhainn a chaidh a cheasnachadh gun robh iad den bheachd gum brosnaicheadh am Mòd cleachdadh agus ionnsachadh na Gàidhlig.