BBC Naidheachdan

Là an Tartain am Buenos Aires

Bha ceòl na pìoba ri chluintinn aig Là an Tartain Disathairne.

Chan ann ann an New York a bha seo idir, ge-tà, ach ann am prìomh bhaile Argentina, Buenos Aires.

Bha cultar na h-Alba ga chomharrachadh ann an sin cuideachd mar phàirt de shreath thachartasan sa bhaile 'son aire a thoirt dha na diofar choimhearsnachdan imrich a thàinig dhan dùthaich thar iomadh bliadhna.

Aig an tachartas, chaidh aithne a thoirt do fhear airson an obair a tha e a' dèanamh a thaobh na Gàidhlig.

Bhruidhinn Angela NicIlleathain, a bha aig an tachartas, ri Guillermo Santana MacFhionnlaigh às dèidh làimhe.