BBC Naidheachdan

Gearr-sheabhag a' tàladh luchd-amhairc a dh'Uibhist

Ged a bhitheas gearr-sheabhag a' nochdadh ach an dràsta is a-rithist ann am Breatainn, cha bhi iad a' fuireach ach airson là neo dhà.

Ach tha aon air grunn mhìosan a chur seachad an an Uibhist a Tuath a' tàladh mhòran luchd-amhairc nan eun dhan eilean.

Tha seo air togail a thoirt do ghnìomhachas na turasachd aig àm is àbhaist a bhith gu math sàmhach.