BBC Naidheachdan

Gearain mu aiseag Armadail

Tha gnìomhachasan ann an Slèite a' gearain gu bheil atharraichaidhean do sheirbheisean aiseig Armadail dol a thoirt buaidh orra leis nach bi uidhear de luchd-turais a' dol tron sgìre.

Coinnichidh Fòram Còmhdhail Shlèite le CalMac Diciadain agus iad ag ràdh gu bheil an suidheachadh nas miosa buileach na bha dùil air thòiseach air clàr-ama an t-Samhraidh.

Tha CalMac ag ràdh gun tèid aca air iarrtas an t-Sàmhraidh a'choileanadh.