Oighreachd Bharbhais an làmhan na coimhearsnachd

Tha Urras Oighreachd Bharbhais ann a Leòdhas air an oighreachd aca fhèin a cheannach às dèidh còrr is £600,000 a phàigheadh do bhanca an uachdarain Dimàirt.

Tha seo a' tighinn às dèidh bhliadhnaichean mòra de dh'obair ach tha an t-Urras a' faicinn adhbhar dhòchais mar-thà agus àireamh na cloinne san sgìre ag èiridh.