BBC Naidheachdan

Naidheachdan 11:00m

Manifesto nan Tòraidhean

Dh'aidich ceannard nan Tòraidhean an Alba, Ruth Davidson, gu bheil an SNP air chùrsa an taghadh airson na Pàrlamaid Albannaich a ghlèidheadh, ach thuirt i gu bheil na Tòraidhean dha-rìribh ag amas air an dàrna àite ann an Holyrood. Chaidh manifesto nan Tòraidheach fhoillseachadh ann an Glaschu an-diugh, le gealltanas cuideachd air strì an aghaidh an dàrna referendum air neo-eisimeileachd.

Tha na Làbaraich ag ràdh gum bu chòir do Rùnaire a' Chultair, John Whittingdale, seasamh air ais bho a bhith a' riaghladh nam meadhanan, an dèidh aithrisean mu a bheatha phrìobhaidich. Tha Mgr Whittingdale a' dol às àicheadh gun tug a chàirdeas le siùrsach mus deach e dhan Chaibineat buaidh air a chuid obrach. Ged a bha fios aig na h-uimhir de na pàipearan-naidheachd mun chùis aig an àm, cha do chuir iad dad dheth an clò, agus iad ag ràdh nach e gnothach poblach a bh' ann.

Thill còrr is 1,000 duine-cloinne an-diugh gu sia de na 17 sgoiltean an Dùn Èideann a tha dùinte le dragh mu shàbhailteachd nan togalach. Chaidh prìomhachas a thoirt do sgoilearan sa cheathramh, còigeamh agus siathamh bliadhna san àrd-sgoil, aig a bheil deuchainnean a dh'aithghearr. Ach tha sin fhathast a' fàgail còrr is 7,000 sgoilear far na sgoile.

Thill Tesco gu prothaid, dìreach bliadhna an dèidh call cho mòr 's a bh' aig buidhinn chorporra riamh ann am Breatainn. Rinn iad prothaid de £162m an-uiridh, an dèidh call de £6.3bn ann an 2014.

Tha coinneamh eadar Caledonian Mac a' Bhriuthainn an-diugh agus muinntir Shlèite a tha a' gearain gu làidir mun t-seirbheis eadar Malaig is Armadal. Tha Fòram Còmhdhail Shlèite ag ràdh gu bheil maill air seirbheisean bho thòisich clàr-ama an t-Samhraidh a' dèanamh cron air an eaconamaidh. Thuirt Cal Mac gu bheil iad a' cumail sùil gheur air an t-seirbheis sin, ach gu bheil barrachd dhaoine air an t-slighe a chleachdadh air a' chiad chola-deug de chlàr-ama an t-Samhraidh na rinn aig an aon àm an-uiridh.

Tha Poilis Alba ag iarraidh fiosrachaidh bho dhuine sam bith a chunnaic tubaist-rathaid air taobh sear Rois an-raoir, anns an deach duine, a tha 78 bliadhna de dh'aois, a dhroch-ghoirteachadh. Thachair an tubaist eadar dà chàr - Vauxhall Corsa dhearg agus Landrover Discovery gheal - mu 7:00f an-raoir, air an A9 beagan deas air Drochaid Chrombaidh.