BBC Naidheachdan

Naidheachdan 11:00m

Chuir luchd-iomairt fàilte air aonta eadar-nàiseanta ùr a tha ag amas air seachnadh chìsean a dhèanamh gu math nas doirbhe. Chuir Breatainn, a' Ghearmailt, an Eadailt, an Spàinn agus an Fhraing an ainm ris an aonta, fo am bi iad a' roinn fiosrachaidh eadar iad mu chompanaidhean agus urrasan a tha a' cur airgid an tasgadh ann an dùthchannan eile.

Dh'fhàg Ministear Gnìomhachais na Spàinne a dhreuchd an dèidh ainmeachadh ann am Pàipearan Phanama. Aig toiseach na seachdain seo bha Jose Manuel Soria a' dol às àicheadh gun robh gnothach aige ri companaidh far-thìre sna Bahamas. Ach thuirt e an-diugh gun do chuir e e fhèin ann an suidheachadh far nach urrainn dha fuireach na dhreuchd.

Tha iomairt referendum an Aonaidh Eòrpaich, a mhaireas deich seachdainnean, a' tòiseachadh gu h-oifigeil an-diugh. Tha an dà thaobh den argamaid a' cumail sreath de dh'òraidean agus railidhean air feadh Bhreatainn.

'S iad na Libearalaich Dheamocratach a tha a' foillseachadh am manifesto an-diugh airson taghadh na Pàrlamaid Albannaich. Tha iad a' cur foghlaim aig meadhan na h-iomairt airson Holyrood.

Tha poilis ag iarraidh fiosrachaidh bho dhuine sam bith as aithne dad mu thubaist-rathaid air an A9 ann an Gallaibh an-raoir anns an deach duine a mharbhadh. Thachair an tubaist eadar Ford Fiesta agus Nissan Quashqai faisg air Inbhir Theòrsa mu 7:00f an-raoir.

Tha cion-airgid a' cur teagamh anns an leasachadh air an talamh timcheall air Caisteal Leòdhais. Ged a fhuair Urras Steòrnabhaigh £4m an-uiridh bhon Chrannchur Nàiseanta airson a' phròiseict sa Ghearraidh Chruiadh, tha iad fhathast gann de £600,000. Thuirt an t-Urras ge-tà, gu bheil iad an dòchas an t-airgead sin fhaighinn fhathast.

Tha muinntir taobh a tuath Loch Obha an Earra-Ghàidheal a' gearain air an àireamh de làraidhean mòra a' giùlain fiodha às a' choille a tha a' dol tro bhailtean beaga na sgìre sin. Tha fear à Cill Chreanain a' clàradh nan làraidhean, 's tha esan ag ràdh gu bheil làithean ann air am bi suas ri 50 dhiubh a' dol seachad air an taigh aige. Agus tha daoine a' gearain cuideachd gu bheil iad a' tòiseachadh cho tràth ri 04:00m.