BBC Naidheachdan

Foghlam Gàidhlig ann an Inbhir Narann

Chaidh 10 bliadhna de dh'fhoghlam tro mheadhan na Gàidhlig ann an Inbhir Narann a chomharrachadh le latha gu math spòrsail sa bhaile Disathairne.

Bhathar a' cur fàilte air clann aig an robh Gàidhlig agus cuideachd air feadhainn aig nach robh facal idir.

Chaidh Seonaidh MacCoinnich ann dhuinne.