BBC Naidheachdan

Manifesto RISE

Dh'fhoillsich a' cho-bhanntachd shòisealach, RISE, am manifesto aca airson taghaidhean Pàrlamaid na h-Alba, le iarratas cìsean nas àirde a chuir air daoine beartach agus cùl a chuir ri cruaidh ghearraidhean.

Ma shoirbhicheas leotha thuirt iad gun iarr iad referendum eile air neo-eisimeileachd na h-Alba taobh a-staigh 5 bliadhna.