Dàil san iomairt choimhearsnachd
Tha dàil san iomairt aig muinntir Bheàrnaraigh Leòdhais sealbh fhaighinn air an cuid fearainn.
Cha d'fhuaras aonta eadar iad agus an t-uachdaran mu luach na h-oighreachd agus chaill iad cothrom air airgead bho Stòras Fearainn na h-Alba ri linn.
Ach tha iad a' cumail orra a dh' aindheoin sin agus làn dhòchais aca gum bi an talamh ann an làmhan na coimhearsnachd fhathast.
Tha an aithris seo aig Eilidh NicLeòid.
- Air fhoillseachadh
- 19 An Giblean 2016
- Earrann
- Naidheachdan