Coimisean na Croitearachd ga chàineadh
Tha baile croitearachd ann an Leòdhas, a bha sàs ann an iomart an fhearainn san linn a dh'fhalbh, a' fàgail air Coimisean na Croitearachd gu bheil iad seamanach agus dìoghaltach às dèidh dhaibh comataidh ionaltraidh a' bhaile a chuir ma sgaoil.
Ghearain a' chomataidh ionaltraidh ann an Col Uarach mun dòigh anns an do làimhsich fear-gairm a' choimisein, Cailean Ceannadach, coinneamh sa bhaile san t-Samhain an-uiridh.
Tha a' chomataidh dhen bheachd gur e sin a tha a-nis gam fàgail san t-suidheachadh-sa.
Seo Aonghas Dòmhnullach.