BBC Naidheachdan

Gainnead lannsairean dùthchail

Tha gainnead lannsairean a' cur cuid de sheirbheisean meidigeach ann an ospadalan dùthchail na h-Alba ann an cunnart, a rèir eòlaichean a tha a' feuchainn ri obair lannsaireachd a leasachadh.

Tha iad a' toirt rabhadh gu bheil staing air fàire 's gun ach aon lighiche an-dràsta a' trèanaidh ann an obair-lannsa airson sgìrean dùthchail.

Tha dragh orra cuideachd gum faodadh seo buaidh a thoirt air àireamh an t-sluaigh.

Tha an aithris seo aig Eilidh NicLeòid.