BBC Naidheachdan

Droch staid rathaidean na Gàidhealtachd

Thàinig rabhadh nach e a-mhàin gu bheil rathaidean na Gàidhealtachd a' dol bhuaithe, ach gu bheil iad a' dol bhuaithe nas luaithe na ann an sgìre dhùthchail sam bith eile ann an Alba.

Fhuair sgrùdadh a chaidh a dhèanamh an-uiridh gu bheil faisg air dà fhichead sa cheud de rathaidean a' chinn a tuath ann an droch staid, àrdachdadh de cha mhòr 3% air a' bhliadhna roimhne sin.

Tha an aithris seo aig Karen Elder.