Naidheachdan 11:00m
Chaidh càin £18m air Scottish Power airson fàiligeadh ann an seirbheis na companaidh do luchd-cleachdaidh co-cheangailte ri siostam coimpiutair ùr a tha a' dèiligeadh ri gearainnean agus cunntasan. Thuirt riaghladair a' chumhachd, Ofgem, nach do dhèilig a' chompanaidh gu cothromach ri luchd-cleachdaidh. Thuirt Scottish Power gu bheil iad fìor-dhuilich mun t-suidheachadh, agus dh'iarr iad an leisgeul a ghabhail airson na thachair.
Tha an diùraidh aig an rannsachadh mu thubaist Hillsborough ag ullachadh airson an co-dhùnadh fhoillseachadh. Chaill 96 duine de luchd-taic Liverpool am beatha aig an stèidiam bhuill-coise ann an Sheffield ann an 1989. Tha mòran de na càirdean air cruinneachadh aig a' chùirt ann an Warrington a chluinntinn a bheil an diùraidh a' cur coire air duine airson na thachair.
Tha dotairean òga Shasainn air làn-stailc airson a' chiad uair riamh ann an eachdraidh an NHS. Tha iad a' seachnadh obair èiginn eadar 09:00m an-diugh agus 5:00f, agus nì iad an dearbh rud a-rithist a-màireach 's iad a' gearain mun chùmhnant ùr a tha an Riaghaltas a' cur mun coinneimh. Thuirt aonadh nan doraitean, Comann Meidigeach Bhreatainn, gu bheil àrd-dhotairean a' dèanamh obair-èiginn fhad 's a mhaireas an stailc.
Tha coltas ann gu bheil rannsachadh nam Poileas mu chùis Madeleine McCann, a chaidh a dhìth ann am Portagal ann an 2007 nuair a bha i trì bliadhna de dh'aois, a' tighinn gu ceann. Thuirt ceannard Scotland Yard, Sir Bernard Hogan-Howe, mura tig fiosrachadh ùr am follais gun lean oifigearan an aon loidhne rannsachaidh a th' air fhàgail agus gun tig sin cuideachd gu crìch an ceann beagan mhìosan.
Bha tuilleadh chall air a' chompanaidh ola BP air a' chiad trì mìosan den bhliadhna, dìreach cola-deug an dèidh àimhreit mu àrdachadh pàighidh an àrd-oifigich. Bha call de bheagan a bharrachd air £400m ann eadar an Fhaoilleach 's am Màrt. Ach chan eil sin cho dona 's a bha dùil mu choinneimh cho ìosal 's a tha prìs na h-ola.
Tha croitearan ann an Col Uarach ann an Leòdhas a' coinneachadh ri comhairlichean an-diugh a dh'fheuchainn ri taic fhaighinn nan strì ri Coimisean na Croitearachd, an dèidh dhan choimisean comataidh ionaltraidh a' bhaile a chur à bith. Tha aon fhear-lagha den bheachd gun do rinn an Coimisean ceàrr, agus gum bu chòir do Riaghaltas na h-Alba sùil a thoirt air a' chùis. Tha fear-lagha eile a' maoidheadh an Coimisean a thoirt gu Cùirt an Fhearainn. Thuirt Riaghaltas na h-Alba nach can iad dad mun chùis, oir gur e gnothach a th' ann ris a bheil an Coimisean a' dèiligeadh an-dràsta.