Ceistean mu referendum eile air neo-eisimeileachd
'S e ceistean mu referendum eile air neo-eisimeileachd na h-Alba a bha ceannardan nan ceithir pàrtaidhean as motha a' freagairt an-diugh.
Thuirt Ceannard an SNP Nicola Sturgeon gu robh coltas ann gum biodh fear ann nan tarraingeadh Breatainn a-mach às an EU.
Thuirt Ruth Davidson bho na Tòraidhean gun seasadh i san rathad air Ms Sturgeon.
A-rèir ceannard nan Lib Deamach, Willie Rennie cha do ghluais na nàiseantaich air adhart bhon referendum mu dheireadh.
Agus às dèidh beagan mhì-chinnt bho chionn beagan sheachdainnean, rinn Ceannard nan Làbarach ann an Alba, Kezia Dugdale a seasamh air a' chùis nas soilleire, mar a tha am fear-naidheachd poileataigeach againn, Darren Linc ag aithris.