BBC Naidheachdan

Manifesto airson sgìrean iomallach na h-Alba?

Dè na cuspairean a bu chòir àite fhaighinn ann am manifesto airson sgìrean iomallach na h-Alba?

Sin na chaidh a dheasbad aig coinneimh de Phàrlamaid Dùthchail na h-Alba ann an Ìle air an deireadh sheachdain, le Còmhdhail, Fearann agus Deamocrasaidh Ionadail a' faighinn prìomhachais.

Bha am fear-naidheachd againn, Andreas Wolff, an làthair ann am Bogha Mòr.