BBC Naidheachdan

Pròiseact dhealbhan den RNLI

Tha pròiseact gus dealbhan a' thogail de gach stèisean agus criutha bàta-teasairginn an RNLI air feadh na dùthcha air a' Ghàidhealtachd a' ruighinn.

Ach chan ann le teicneòlas didseatach ùr a tha na dealbhan gan cruthachadh, ach le seann phròiseas bho lìnn Bhictoria air a bheil "Wet Plate Collodion".

Tha na h-iomhaighean gan togail air glainne.

Le tuilleadh, seo Calum MacIlleathain.