Gearanan mu bhusaichean Uibhist

Tha gearanan air nochdadh mun t-seirbheis bhusaichean ann an Uibhist a thòisich air a' mhìos a chaidh.

Tha sin a dh' aindheoin 's gun deach an t-seirbheis a chuir air dòigh an dèidh do bheachdan a bhith air a thrusadh ann an co-chomhairleachadh poblach an-uiridh.

Ach, le cùmhnantan sùbailte gabhaidh na trioblaidean a chàradh, a-rèir fear de chomhairlichean na sgìre.

Tha Shona NicDhòmhnaill ag aithris.