BBC Naidheachdan

Naidheachdan 11:00m

Chaidh an duine as motha a tha fo amharas mun cheannairc ann am Paris an-uiridh, a thoirt dha na h-ùghdarrasan anns an Fhraing. Chaidh Saleh Abdeslam a chur an grèim anns a' Bheilg air a' mhìos a chaidh. Tha e coltach gur e an aon fhear de na ceannaircich a thàinig beò às na h-ionnsaighean ann am Paris anns an t-Samhain. Tha amharas ann cuideachd gu bheil ceanglaichean aige ris na bomairean a thug ionnsaighean air a' Bhruiseil air a' mhìos a chaidh.

Bidh sreath thachartasan ann an Liverpool an-diugh mar chuimhne air an 96 duine a chaill am beatha ann an tubaist Hillsborough, dìreach là an dèidh co-dhùnadh gur e marbhadh mì-laghail a bh' ann. Thuirt an Diùraidh gun do rinn na Poilis mearachdan nan ullachadh ro-làimh, agus air là a' gheama bhuill-choise ann an Sheffield anns a' Ghiblean 1989, 's tha feadhainn a-niste ag iarraidh casaidean a thogail.

Thàinig beagan maill air fàs eaconamach na Rìoghachd Aonaichte air a' chiad thrì mìosan den bhliadhna. Bha toradh na dùthcha aig 0.4% - sìos bho 0.6% aig deireadh 2015.

Thuit an ceathramh cuid far prothaid Banca Barclays air a' chiad thrì mìosan den bhliadhna bho £1.8bn aig an aon àm an-uiridh, gu beagan nas lugha na £800m am-bliadhna. Thuirt am banca gur e margaidh dhoirbh ann an roinn tasgaidh a' ghnìomhachais as coireach.

Tha ùghdarras na farpais agus margaidh a' càineadh ASDA airson siostam phrìsean agus sanasachd a tha toinnte agus doirbh a thuigsinn. Tha buidheann an luchd-cleachdaidh, Which?, a' fàgail air na h-uimhir de na bùthainnean mòra gu bheil iad ri dòighean reic meallta, agus dh'aontaich ASDA an dòigh sa bheil iad a' sanasachd atharachadh.

Tha coltas ann gum bi boireannach a th' anns a' phrìosan ann am Peru a' tilleadh dhachaigh a dh'Alba a dh'aithghearr. Chaidh Melissa Reid, a bhuineas do Leanaidh ann an Siorrachd Dhùn Bhreatann, a dhiteadh airson cùiltearachd dhrogaichean ann am Peru. Ach tha Oifis nan Dùthchannan Cèine ann an Lunnainn ag ràdh gun tug cùirt ann an Lima cead dhi tilleadh a Bhreatinn.

Tha buill air Comhairle nan Eilean Siar ag iarraidh eadar-mheadhanair neo-eisimeilich anns a' bhuaireadh eadar croitearan ann an Col Uarach ann an Leòdhas agus Coimisean na Croitearachd. Choinnich ceathrar chomhairlichean an-dè ris an fheadhainn a bh' air a' chomataidh ionaltraidh gus an do chuir an Coimisean às an dreuchd iad. Cha chan an Coimisean càil fhad 's a tha iad a' rannsachadh na cùise.