Cùrsa ùr dha maraichean òga
Thèid cùrsa ùr a chruthachadh do chloinn-sgoile sna h-Eileanan Siar aig a bheil ùidh a dhol gu muir.
Chruinnich riochdairean bho dhiofar ghnìomhachasan mara ri luchd-foghlaim ann an Steòrnabhagh an t-seachdain seo.
Dh' aontaich iad a dhol air adhart le teisteanas ùr - a' chiad dha leithid ann an Alba.
Tha an aithris seo aig Eilidh NicLeòid.