BBC Naidheachdan

Cùrsa mara do chloinn-sgoile nan Eilean Siar

Thèid cùrsa ùr a chruthachadh do chloinn-sgoile sna h-Eileanan Siar aig a bheil ùidh a dhol gu muir.

Chruinnich riochdairean bho dhiofar ghnìomhachasan mara ri luchd-foghlaim ann an Steòrnabhagh an-dè.

Dh' aontaich iad a dhol air adhart a dhealbh an teisteanais ùir, a' chiad dha leithid ann an Alba.

Tha an aithris seo aig Eilidh NicLeòid.