BBC Naidheachdan

Naidheachdan 11:00m

Tha teaghlaichean a chaill càirdean aig Hillsborough air innse mun fheirg a th' orra gun deach teachdaireachd a sgaoileadh am measg seann oifigearan poilis Yorkshire a Deas gum bu chòir dhaibh a bhith moiteil às an obair aca. Seo a dh'aindeoin co-dhùnadh an rannsachaidh oifigeil a thuirt gun deach 96 duine a mharbhadh gu mì-laghail. Chaidh an teachdaireachd a chur air làrach-lìn chomann de sheann oifigearan. Ach bhon uair sin chaidh a tharraing far na làraich.

Tha riaghladh bhon Àrd-Chùirt a' ciallachadh gum faod daoine cùisean a thoirt an aghaidh a' phàipeir-naidheachd an Sun airson mar a chaidh èisteachd ri teachdaireachdan a bh' air fhàgail air fònaichean-làimhe dhaoine gun chead. Thuirt am britheamh gun robh fianais gu leòr ann ann an cùisean cheathrar. Tha News UK, leis a bheil an Sun, air a bhith a' dol às àicheadh gun robhar ris an dol-a-mach seo airson sgeulachdan a dhearbhadh. Tha a' chompanaidh air tighinn gu aonta ann an còrr air mìle cùis co-cheangailte ris an News of the World.

Chaidh fhàgail air Coimisean na Croitearachd gu bheil iad a' cur croitearachd ann an cunnart san àm ri teachd leis an dol-a-mach aca. Tha comataidh ionaltraidh Mhangurstaidh ann an Leòdhas air càineadh a dhèanamh air a' bhuidhinn, agus an Coimisean air an cur à bith. Cha d' fhuair sinn beachd o Choimisean na Croitearachd fhathast, ged a dh'iarr sinn sin orra.

Dhearbh na Poilis gun deach aithrisean mu dhithis bhalach a chur gu Neach-Aithris Chloinne na sgìre airson armachd chunnartach a bhith aca san sgoil air Ghàidhealtachd. Thachair seo aig Àrd-Sgoil Inbhir Nis Dimàirt. Sgrìobh ceannard na sgoile, James Rutter, chun a h-uile pàrant, ag innse dhaibh mar a thachair, agus thuirt e cuideachd gu bheil a h-uile sgoilear sàbhailte san sgoil.

Tha dithis mhorairean Iùdhach a' fàgail air a' Phàrtaidh Làbarach gu bheil iad a' dèanamh leth-bhreith air Iùdhaich. Thuirt am Morair Levi, agus a' Bhana-Mhorair Neuberger, gun robh am pàrtaidh air a bhith ceart nuair a chuir iad Ball-Pàrlamaid Bhradford, Naz Shah, far a dreuchd rè ùine. Thuirt i mus deach a taghadh gum bu chòir a h-uile Israelach a ghluasad dha na Stàitean Aonaichte.

Tha an Àrd-Chùirt air gabhail ri riaghailtean a tha an sàs mar thà a thaobh chòirichean bhòtaidh Bhreatannach a tha a' fuireach ann an dùthchannan thall-thairis. Tha seo a' buntainn ris an referendum mun Aonadh Eòrpach. Fon reachdas chan eil e ceadaichte do Bhreatannaich a th' air a bhith a' còmhnaidh ann an dùthaich chèin nas fhaide na 15 bliadhna bhòtadh.