BBC Naidheachdan

Manifesto UKIP

Tha UKIP air am manifesto aca airson an Taghaidh Albannaich fhoillseachadh.

Am measg na tha ann, tha gealladh gun geàrr iad cìsean agus gun seas iad an aghaidh càil a bharrachd chumhachd a sgaoileadh a Holyrood à Westminster.

Tha solais a' priobadh anns an aithris-sa bhon fhear-naideachd phoilitigeach againn, Darren Linc a bha leantainn na bh'aig UKIP ri ràdh tron là.