BBC Naidheachdan

Naidheachdan 11:00m

Thuirt Leas-Cheannard a' Phàrtaidh Làbaraich, Tom Watson, gum faigh am pàrtaidh smachd air gràin-cinnidh an aghaidh Iùdhach. Thuirt Mgr Watson gum biodh ath-sgrùdadh de riaghailtean a' phàrtaidh a' ciallachadh nach deadh gabhail ri gràin-cinnidh de sheòrsa sam bith. Bha e a' bruidhinn an dèidh mar a chaidh Ken Livingstone, a bha roimhe na Mhèar air Lunnainn, agus am Ball-Pàrlamaid Naz Shah, a chur far nan dreuchdan aca rè ùine, air sàilleabh na thuirt iad mu dheidhinn Israel.

An Ostair

Thuirt Ministear na Dùthcha san Ostair gu bheil an dùthaich aige deiseil gus crìochan na dùthcha leis an Eadailt a dhùnadh ma dh'fheumas iad airson stad a chur air in-imrichean. Thuirt Wolfgang Sabotka gum faodadh sin a bhith a' ciallachadh gun deadh feansa a thogail aig a' Bhrenner Pass.

Dh'fhoillsich Banca Rìoghail na h-Alba gun do rinn iad call de £968m ro chìsean anns a' chiad chairteal den bhliadhna. Tha sin còrr air a dhà uimhir na chaill iad an-uiridh. Tha smachd aig luchd-pàighidh nan cìsean air 70% den bhanca, agus phàigh RBS £1.2bn do Roinn an Ionmhais o chionn ghoirid.

Tha Comhairle nan Eilean Siar air iarrtas a chur gu Coimisean na Croitearachd a thighinn a bhruidhinn ri comataidh croitearachd na Comhairle fhèin. Tha a' chomataidh ag iarraidh faighinn a-mach on Choimisean carson a chuir iad dà chomataidh ionaltraidh ann an Leòdhas à oifis. Thuirt an t-ùghdarras ionadail nach eil iad ag iarraidh taobh seach taobh a ghabhail, ach gu bheil iad ag iarraidh bruidhinn air a' bhuaidh a th' aig co-dhùnaidhean a' Choimisein air croitearachd anns an fharsainneachd.

Tha na Poilis fhathast a' feuchainn ri lorg fhaighinn air boireannach à Tobar na Màthar, aois 52, a chunnacas mu dheireadh feasgar Dimàirt. Bha Caron Findlay air a slighe air ais à Essex, far an robh i a' coimhead air càirdean, agus ràinig i stèisean rèile Meadhan Ghlaschu mu 6:15f. Chuir i fios air a teaghlach an uair sin, 's bha dùil rithe aig an taigh ann an Tobar na Màthar, ach cha do ràinig i dachaigh. Thuirt na Poilis gu bheil aithrisean ann gum faodadh gun deach i a dh'Inbhir Àir.