Seirbheis ùr eadar Heathrow is Inbhir Nis
Thòisich seirbheis ùr làitheil le British Airways eadar Inbhir Nis agus Heathrow.
Tha e a' ciallachadh gu bheil ceangal a-nis aig a' Ghàidhealtachd ris an lìonra eadar-nàiseanta aig BA, a tha a' frithealadh air còrr is 130 port-adhar air feadh an t-saoghail.
Bha Kerr Gibb aig port-adhair Inbhir Nis airson fàilte a chur air a' chiad itealan.
- Air fhoillseachadh
- 3 An Cèitean 2016
- Earrann
- Naidheachdan