Trèana-smùid a' dèanamh air Malaig a-rithist
Tha trèana-smùid nan Seumasach eadar an Gearastan agus Malaig air tòiseachadh a-rithist.
Dh'èirich ceist mun t-seirbhis nuair a chaidh an cead aca a tharraing an-uiridh agus a-rithist aig toiseach na bliadhna, 's dragh air na h-ughdarrasan mu ìrean sàbhailteachd.
Ach, mar a tha Andreas Wolff a-nis ag aithris, tha fàilte mhòr ga chur air an trèana le muinntir Mhalaig.