BBC Naidheachdan

Connspaid 's aoibhneas an Eurovision

Se farpais òran a th'ann a tha còir a bhith saor bho phoileataics - ach chan eil mòran a' creidsinn sin.

Aig Eurovision na bliadhna-sa tha dùil ri farpais làidir eadar an Ruis agus an Ugràin, dùthchanan a tha ann an uganan a chèile an dèidh dhan Ruis a dhol a-steach dhan Chrimea ann an 2014.

Thèid farpaiseach na h-Ugràin, Jamala, air an àrd-ùrlar leis an òran "1944" mu mar a chaidh Tataran a' ruagadh à Crimea le Stalin.

A' bruidhinn air Aithris na Maidne tha am fear-naidheachd Darren Linc, a rinn agallamh le Jamala airson Eòrpa bho chionn ghoirid, a' mìneachadh barrachd mun òran agus an connspaid a tha ga chuairteachadh.

Ron a sin, ge-ta, tha an tè-naidheachd Màiri Rodgers, a tha a' dol chun na farpais ann an Stockholm, ag innse dha Iain Macaonghais de a tha ga tàdhladh-se agus a' tadhladh nam mìltean eile, chun na farpais.