Dragh mu sgìre SAC
Tha draghan ùra air Taobh Siar na Gàidhealtachd mu phlanaichean 'son sgìre-ghlèidhte eile a stèidheachadh ann an uisgeachan na sgìre.
Tha Dualchas Nàdair na h-Alba a' sireadh bheachdan air plana airson sgìre SAC a stèidheachadh do phèileagan, bho Ìle gu ceann a Tuath Leoòhais.
Mar a tha Seonaidh MacCoinnich ag aithris, tha an t-eagal air iasgairean gun toireadh seo buaidh mhòr air a' ghnìomhachas aca.