Coinneamh mu ionaltradh Mhangurstaidh
Thuirt Coimisean na Croitearachd gun deach adhartas a dhèanamh le càirdeas nas fheàrr a thogail le croitearan ann am Mangurstaidh an Leòdhas.
Chaidh comataidh ionaltraidh na sgìre a sgaoileadh leis a' Choimisean san Dùbhlachd an uiridh, 's iad ag ràdh nach deach cumail ri riaghailtean ionmhasail.
Às dèidh coinneamh an Ùige an-diugh feuch rèite a ruighinn, thuirt an Coimsean gu bheil iad an-dòchas gun tèid comataidh ionaltraidh ùr a stèidheachadh a dh'aithghearr.
Tha Aonghas Dòmhnallach ag aithris...
- Air fhoillseachadh
- 17 An Cèitean 2016
- Earrann
- Naidheachdan