BBC Naidheachdan

BPA nan Eilean Siar "air a dhòigh" mu ChalMac

Thuirt ball pàrlamaid nan Eilean Siar, Alasdair Allan, gu bheil e air a dhòigh gur iad Aiseagan ChalMac Earranta a shoirbhich san fharpais airson cùmhnant seirbheisean aiseig a' Chost an Iar agus Chluaidh.

Dh'innis Prìomh Mhinistear na h-Alba, Nicola Sturgeon, Diardaoin gur e CalMac a fhuair an cumhnant fad ochd bliadhna, anns a bheil luach £900M, an aghaidh farpais bhon chompanaidh phrìobhaideach Serco.

Thuirt Mgr Allan nach robh roghainn aig an riaghaltas ach na seirbheisean a chuir a-mach gu tairgse.