Iarrtas 'son sgoiltean ùr an Inbhir Nis
Tha feum air dà bhun-sgoil ùr ann an Inbhir Nis - tè Ghàidhlig agus tè Bheurla - agus 25 seòmraichean-teagaisg a bharrachd, a rèir Chomataidh Foghlum Comhairle na Gàidhealtachd.
Thàinig an naidheachd agus sgoiltean a' bhaile loma-làn, 's dùil gum bi barrachd chloinne a' taomadh a-steach as dèidh saor-laithean an t-samhraidh.
Ach le dà àrd-sgoil ann an Inbhir Nis cuideachd feumach air obair-càraidh, tha dragh ann nach eil an t-airgead aig a' chomhairle airson na leasachaidhean seo a thoirt gu buil.
Tha Eileen NicDhòmhnaill ag aithris.