BBC Naidheachdan

Cùis an teaghlaich Brain aig Westminster

Chaidh cùis balach beag ann am foghlam tro mheàdhan na Gàidhlig - a tha Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte airson a chur a-mach às an dùthaich - a thogail aig ceistean a' Phrìomhaire ann an Taigh nam Cumantan.

Thàinig an teaghlach à Astràilia bho chionn còig bliadhna, 's Riaghaltas na h-Alba a' brosnachadh dhaoine tighinn a dh' fhuireach air a' Ghàidhealtachd.

Tha Oifis na Dùthcha a-nis ag ràdh gum feum iad falbh.

Tha Dòmhnall Moireasdan ag aithris.