BBC Naidheachdan

Gearan mu BhBC ALBA air a dhol gu Ofcom

Tha Riaghaladair a' Chraolaidh, Ofcom, a' rannsachadh ghearain mu na tha de Bheurla ann am prògraman telebhisean air BBC ALBA.

Chaidh an gearan a chur thuca leis a' bhuidhinn-strì, Gàidhlig-TV, a tha ag iomart an aghaidh na tha de Bheurla air an t-sianal.

Thuirt a' bhuidheann gu bheil fianais aca gun deach co-dhiù fichead prògram a chraoladh bho chionn ghoirid anns an robh còrr agus 70% de Bheurla.

Tha Eilidh NicAsgaill ag aithris.