Dragh mu thalamh mòintich
Tha dragh mu na dh'fhaodadh tachairt dha talamh mòintich ann an sgìrean far nach eil comataidhean ionaltraidh.
Bha sin am measg nam beachdan a thog ceann aig Fòrum Mòintich na h-Alba a choinnich ann an Slèite san Eilean Sgitheanach aig deireadh na seachdainn.
Bha na bha an làthair a' beachdachadh air na duilgheadasan a th'ann dha sgìrean mòintich air a' chost an iar.
Tha Seonaidh MacCoinnich ag aithris.