Blàr Jutland
Tha 100 bliadhna ann bho Bhlàr Jutland - an aon àm sa Chogadh Mhòr san deach cabhlaichean Bhreatainn 's na Gearmailt gu dìreach an aghaidh a chèile.
Chaidh mòran a chall air gach taobh.
Ann an Tolastadh bho Thuath ann an Leòdhas, tha cuimhne shònraichte ga cumail air fir a' bhaile a chaillear ann.
Nam measg, bha seanair Chathy Mary Nic a' Ghobhainn. Bhruidhinn Aonghas Dòmhnallach rithe.