An Lùnastal an ceann-là dhan teaghlach Brain
Tha ìmpidh as ùr ga cur air Oifis na Dùthcha leigeil le boireanach à Astràilia cosnadh air a' Ghàidhealtachd a ghabhail.
Bha an Riaghaltas air òrdachadh do Khathryn Brain 's a teaghlach an Rìoghachd Aonaichte fhàgail.
Tha iad a-nis air cead fhaighinn fuireach gu toiseach an Lùnastail, ach chan fhaod iad cosnadh - rud a nì e an ìre mhath do-dhèanta dhaibh dòigh fhaighinn air fuireach san ùine fhada.
Tha Dòmhnall Moireasdan ag aithris.
- Air fhoillseachadh
- 31 An Cèitean 2016
- Earrann
- Naidheachdan