Gealltanas bho NHS na Gàidhealtachd

Thuirt Bòrd Slàinte na Gàidhealtachd nach toir na sàbhlaidhean de £28m a dh'fheumas iad a dhèanamh am bliadhna buaidh air an t-seirbheis aca, neo air slàinte nan euslainteach.

Thuirt iad seo agus dragh mòr air comhairliche Sgitheanach gu bheil am bòrd am beachd daoine a chur dhachaigh bhon ospadal nas tràithe mar dhòigh air airgead a chaomhnadh.

Tha Eileen NicDhòmhnaill ag aithris.