Teagamh fhathast mu àitean ann am Bun Sgoil Ghàidhlig Ghleann Dail
Tha sia teaghlaichean fhathast a' feitheamh airson cluinntinn am faigh an cuid choinne àite air prìomh a h-aon ann am Bun Sgoil Ghàidhlig Ghleann Dail ann an Glaschu.
Ghluais sgoilearan innte bho chionn trì seachdainean, ach tha mi-chìnnt fhathast ann a thaobh àitichean air prìomh a h-aon.
Tha còmhraidhean ga chumail le Riaghlaltas na h-Alba a thaobh a bhith togail sgoil eile, an treas sgoil Ghàidhlig sa bhaile.
Tha Caitriana Deeprose ag aithris.
- Air fhoillseachadh
- 1 An t-Ògmhios 2016
- Earrann
- Naidheachdan