BBC Naidheachdan

Buntàta dha sgoiltean Uibhist

Chaidh iarraidh air croitearan ann an Uibhist beagan a bharrachd buntàta a chur na bhios a dhìth orra fhèin, airson buntàta a chumail ri sgoiltean an eilein.

Tha an ceithir tunna de bhuntàta a chleachdas sgoiltean Uibhist an-dràsta uile ga thoirt a-steach far Tìr-Mòr.

Thathas ag amas air sin atharrachadh, le taic bho sgeama ùr aig Riaghaltas na h-Alba.

'S e amas na pròiseict, "biadh ionadail do dhaoine ionadail".