BBC Naidheachdan

Dragh ann am Muile mun Choir' Uisg'

Tha dragh mòr ann am Muile agus aithrisean ann gun tèid am bàt-aiseig an Coir' Uisg' a thilleadh gu an t-slighe eadar Malaig is Armadal.

Sgrìobh an comhairliche Muileach Màiri Sìne Devon gu Prìomh Mhinistear na h-Alba, Nicola Sturgeon, ag iarraidh oirre mìneachadh a thoirt air na tha a' tachairt.

Cha d'thàinig dearbhadh bho ChalMac fhathast gu bheil am bàta dha-rìribh ga gluasad air ais gu tuath.

Seo Andreas Wolff.