Rannsachadh air còmhraidhean Gàidhlig
Tha nas lugha na 10% de chòmhraidhean ann an àiteachan poblach ann an Steòrnabhagh, gan cumail sa Ghàidhlig.
Tha sin a-rèir a' chiad rannsachaidh de a sheòrsa sa bhaile, a chaidh fhoillseachadh aig co-labhairt Soillse ann an Glaschu.
Chaidh a ràdh cuideachd nach eil planaichean Gàidhlig a' dèanamh diofar sam bith do na h-àireamhan sin.