Beachd ùr air Murt na h-Apann
Cò bu choireach ri Murt na h-Apann?
'S e bonn-deasbaid a th' air a bhith ann air a' Ghàidhealtachd fad 250 bliadhna.
Chuireadh Seumas a' Ghlinne gu bàs airson Cailean Ruadh Caimbeul à Gleann Iubhair a mhurt ann an 1752.
Ach, tha ollamh à Baile a' Chaolais a-nis ag ràdh gur e cuideigin gu math na b'fhaisge air Cailean Ruadh fhèin bu choireach.
Seo Seonaidh MacCoinnich.