Comataidhean ionaltraidh "cudromach"
Tha Coimisean na Croitearachd ag ràdh gu bheil comataidhean ionaltraidh garbh cudromach 's gheibh iad a h-uile taic - fhad 's a leanas iad na riaghailtean.
Tha an Coimisean ag ràdh gum faod comataidhean airgead a chumail anns a' bhanca cho fad 's gu bheil planaichean aca airson a chosg 's gu bheil a' mhòr-chuid de chroitearan a' bhaile a' cur taic ris a sin.
Tha mì-chinnt air a bhith ann is dà chomataidh ionaltraidh ann an Leòdhas air an cuir ma sgaoil.
Tha Aonghas Dòmhnallach ag aithris.
- Air fhoillseachadh
- 9 An t-Ògmhios 2016
- Earrann
- Naidheachdan