Ionad deighe gus dùnadh
Tha an t-ionad a tha a' dèanamh deigh aig Cidhe nan Ceallan ann an Griomasaigh a' dùnadh.
Ged a chosg e faisg air £350,000 bho chionn dìreach deich bliadhna, dh'aontaich Comataidh na Còmhdhail aig Comhairle nan Eilean Siar a dhùnadh.
Thog cuid de na buill ceistean mun airgead a chaidh a chosg air a' ghoireas sa chiad dhol a-mach, agus dè chaidh ceàrr leis a' phlana ghnìomhachais air a shon.
Tha Eilidh NicLeòid ag aithris.
- Air fhoillseachadh
- 10 An t-Ògmhios 2016
- Earrann
- Naidheachdan