Barrachd luchd-baighsagail sna h-eileanan

Tha an àireamh luchd-turais a tha a' tighinn dha na h-eileanan air baidhsagal am bliadhna air a dhol suas gu mòr, chun na h-ìre agus gu bheilear a-nis a' cur feum air barrachd ghoireasan air an son.

Chaidh iomairt shònraichte 'son an tàladh a chur air chois am bliadhna, 's tha coltas ann gu bheil e air a bhith soirbheachail mar-thà.

Seo Murray Macleòid.